1.Dachaigh

Alex Macdonald - Mod 2011 Convener

 

As leth Comataidh Mòd nan Eilean Siar 2011, bu mhath leam fàilte a chuir oirbh chun an làrach-lìn ùr againn.  Air an làrach-lìn seo, gheibhear fiosrachadh air a’ Mhòd, na h-Eileanan an Iar, an Comataidh Ionadail, oidhirpean airson airgead a thogail agus dòighean is urrainn dhuibhse pàirt a ghabhail airson a bhith cinnteach gum bith Mòd 2011 a cheart cho soirbheachail ri na Mòdan a chaidh an cumail sna h-Eileanan an Iar a cheana.

Tha an Comataidh a coinneachadh gu tric agus, ged a tha an t-uamhas obrach ri dhèanamh sna mìosan a tha romhainn, tha tòrr an de gabhail àite mar-thà.

Ma tha beachdan sam bith agaibh air Mòd 2011, leig fios gu ball den Chomataidh no ma tha sibh deònach cuideachadh ann an dòigh sam bith, bhiodh sinn toilichte cluinntinn bhuaibh.

Tha sinn misneachail gur e Mòd shoirbheachail a bhios anns na h-Eileanan an Iar ann an 2011 agus gun còrd an turas dha na h-Eileanan ri luchd-tadhail.  Tha aon rud cinnteach, gheibh sibh fàilte chridheil!

Ailig Dòmhnallach, Neach Gairm, Comataidh Ionadail Mòd 2011

Naidheachdan